Bàs an Urramaich Iain D. Caimbeul
- Air fhoillseachadh

Chaochail an Dotair Urramach Iain D. Caimbeul à Leòdhas.
Bha Mgr Caimbeul, aois 53 bliadhna, air a bhith san ospadal ann an Glaschu bho Là na Sàbaid.
Bhàsaich e tràth madainn Disathairne.
Bha e fad bhliadhnachan na mhinistear san Eaglais Shaoir san Eilean Sgitheanach agus ann an Leòdhas.
Rugadh agus thogadh Mgr Caimbeul ann an Leòdhas.
Chaidh e na mhinistear an toiseach a Shnìosart san Eilean Sgitheanach far an robh e fad seachd bliadhna.
Chaidh a ghairm an uairsin a Leòdhas agus chuir e 14 bliadhna seachad air a' Bhac.
Ann an 2009 ghluais e agus bha e os cionn choitheanalan an Rubha agus a' Chnuic.
Bha Mgr Caimbeul na Mhodaràtair air Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an 2012 agus bha e na dheasaiche air iris mhìosail na h-eaglaise.
Thar nam bliadhnaichean sgrìobh e sreath leabhraichean 's bhiodh e a' sgrìobhadh ann an grunn irisean air-loidhne.
Bha colbh aige cuideachd fad bhliadhnaichean sa phàipear-naidheachd ionadail Gasaet Steòrnabhaigh.
Bha e pòsta aig Anne agus bha triùir chloinne aca; Iain, Stephen agus Emily.