Dùil ri 50 taigh ùr an Ulapul
- Air fhoillseachadh

Beachdaichidh Comhairle na Gàidhealtachd an ath-mhìos air sgeama mhòr thaigheadais ùir ann an Ulapul.
'S e a' Chomhairle fhèin a tha air cùlaibh nam planaichean agus iad a' coimhead ri faisg air 50 taigh a thogail.
Ma thèid cead-dealbhachaidh a thoirt seachad an ath-mhìos, tòisichidh an obair togail as t-Samhradh.
Dheadh an obair air adhart ann an ceumannan, le 16 gan togail sa chiad dol a-mach.
Bhiodh iad sin deiseil airson daoine a bhith a' gluasad a-steach annta ann an 2018.
Tha cruaidh-fheum air taighean ann an Ulapul - gu h-àraid taighean sòisealta.
Thuirt Ben Williams bho Urras Coimhearsnachd Ulapuil nach eil fhios aig daoine fhathast dè na planaichean a th' ann gu mionaideach, ach gu bheil dùil ri tuilleadh fiosrachaidh bhon Chomhairle sna seachdainnean ri thighinn.
Nì an t-Urras fhèin deasbad air na planaichean aig coinneimh an ath-sheachdain, a rèir Mhgr Williams, agus dùil gum bi iad ann an suidheachadh nas fheàrr an uair sin beachd ceart a thoirt air.