Dòchas ann an Tiriodh gun tig piseach air an t-seirbheis eadar-lìn aca.

Bha dòchas aig muinntir Thiridh an-uiridh gum biodh seirbheis eadar-lìn mhath aca agus bann-leathann fibre ga chuir an sàs.

Ach, chan eil a h-uile taigh agus gnìomhachas a' faighinn na seirbheis fhathast.

Bu chòir gun tig piseach air an t-suidheachadh, ge-ta, agus Buidhean Bann-leathann Thiridh air £90,000 fhaighinn airson an t-seirbheis a leasachadh airson gum faigh tuilleadh de mhuinntir an eilein buannachd às.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.