Corp ga lorg air cladach Ghallaibh
- Air fhoillseachadh

Fhuair luchd-teasairginn a bha a' coimhead airson Dominic Jackson, a chaidh a dhith sa chaidheig aige air an deireadh-sheachdain, corp.
Fhuaireadh an corp, nach deach aithneachadh gu h-oifigeil fhathast, faisg air Liabost air taobh sear Ghallaibh, far an deach a' chaidheag aige a lorg Diluain.
Chuireadh fios air na seirbheisean èiginneach an dèidh mar nach do thill Mgr Jackson, a bha 35, 's e air a dhol a-mach air a' mhuir sa chaidheig aige à Port Saoidh ann an Siorrachd Obar Dheathain.
Tha dùil gun do dh'fhàg e Port Saoidh Disathairne.
Tha Mgr Jackson air a bhith a' fuireach ann an Fothair Chàrdainn ann an Siorrachd Obar Dheathain, ach bhuineadh e do bhaile Uckfield ann an Sussex an Ear.