Naidheachdan 11:00m
Thèid Banca a' Cho-op a chur air a' mhargaid. Theab am banca a dhol fodha ann an 2013, mus do rinn buidhnean ionmhais Aimeireaganach cobhair air. Tha ceithir millean neach-cleachdaidh aig a' bhanca.
Tha Buill-Phàrlamaid ag ràdh gu bheil spòrs air dheireadh nuair a thig e gu bhith a' dèiligeadh ri gràin an aghaidh daoine gèidh. Thuirt aithisg le Comataidh a' Chultair, nam Meadhanan agus an Spòrs gum bu chòir do dhaoine a tha ri gràin an aghaidh daoine gèidh casgan fada fhaighinn.
Nochd seann mhanach Caitligeach a tha fo amharas drabastachd chloinne an Alba ann an cùirt an Astràilia 's oidhirp ga dhèanamh a thoirt a Bhreatainn. 'S e Mgr Denis Alexander fear de ghrunnan mhanach a tha fo amharas gun tug iad ionnsaighean air balaich aig Sgoil Abaid Chille Chuimein. Tha e a' dol às àicheadh nan casaidean. Chaidh diùltadh a leigeil a-mach air urras agus thèid an làn-chùis a chluinntinn anns a' Chèitean.
Tha luchd-peinnsein nas fheàrr dheth na daoine a tha ag obair airson a' chiad uair a-riamh, a rèir sgrùdaidh. Tha an sgrùdadh a rinn buidheann bheachdachaidh, an Resolution Foundation, ag ràdh gu bheil luchd-peinnsein an-diugh nas dualtaiche a bhith ag obair. Cuideachd, tha iad nas dualtaiche a bhith air an dachaigh aca fhèin a cheannachd agus tha peinnseanan math prìobhaideach aig mòran aca.
Chunnaic roinn thionnsgalachd na h-Alba a' mhìos bu làidire airson faisg air trì bliadhna. A rèir sgrùdadh PMI do Bhanca na h-Alba bha òrdughan ùra aig an ìre a b' àirde airson fichead mìos, leis cho lag 's a tha an not. Bha misneachd am measg luchd-gnothaich an àirde beagan.
Tha faisg air 200,000 duine a tha a' fuireach fon dama as àirde ann an Aimeireaga air an dachannan fhàgail. Bha feagal ann gum briseadh seanail èiginneach aig Dama Oroville ann an California. Tha na h-ùghdarrasan ag ràdh gu bheil e sàbhailte a-nis, ach tha iad fhathast ag iarraidh air daoine fuireach air falbh.
Tha Sir Bradley Wiggins air tarraing a-mach às a' phrògram spòrs-geamhraidh The Jump, às dèidh dha a chas a bhriseadh. Thuirt e gur e briseadh-dùil mòr a bh' ann.