Dearbhadh air corp Dominic Jackson

  • Air fhoillseachadh
Dominic JacksonTùs an deilbh, An teaghlach Jackson
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh corp Dominic Jackson fhaighinn ann an sgìre Liaboist ann an Gallaibh

Chaidh dearbhadh gur e corp Dominic Jackson a chaidh fhaighinn ann an sgìre Liaboist ann an Gallaibh an t-seachdainn a chaidh.

Chaidh iomairt theasairginn mhòr a chuir air chois airson lorg fhaighinn air an fhear-caidheig, a chaidh às an t-sealladh às dèidh dha caladh Phort Saoidh fhàgail.

'S ann à baile Uckfield ann an Sussex a bha Dominic Jackson, a bha 35, ach bha e a' fuireach ann am Fothair Chàrdainn ann an Siorrachd Obar Dheathain.