Bàs ann an Uibhist
- Air fhoillseachadh
Dhearbh na Poilis gun do bhàsaich fireannach ann an teine aig taigh ann an Uibhist a Deas Diciadain.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 5:40f, agus chaidh aig luchd-smàlaidh air smachd fhaighinn air an teine.
Cha robh duine sam bith eile anns an taigh ann an Cill Donnain aig an àm.
Chaidh fios a chur gu teaghlach an duine, agus tha rannsachadh nam Poileas a' leantainn.