Buidseat Chomhairle na Gàidhealtachd ga stèidheachadh
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tig àrdachadh air a' Chìs Chomhairle
Tha dùil gun aontaich comhairlichean na Gàidhealtachd a' Chìs Chomhairle a chur suas 3% Diardaoin 's iad a' stèidheachadh a' bhuidseit aca airson na h-ath-bhliadhna ionmhais.
Thogadh an t-àrdachadh sin còrr is £3.5m dhaibh.
Tha gearraidhean mòra anns an amharc aig a' Chomhairle 's aca ri £20m a chùmhnadh ann an 2017/18.
Tha iad air cuid de na gearraidhean sin a chomharrachadh mar-thà, ach tha beàrn de cha mhòr £10m ann fhathast.
Ma thèid le molaidhean na buidhne riaghlaidh, thèid ionad cùraim faochaidh Stafainn a ghluasad a Phort Rìgh, thig lùghdachadh air a' bhuidseat airson na sràidean a ghlanadh agus thig gearradh air seirbheis gearradh an fheòir.
Uile gu lèir theid còrr 's 120 dreuchd làn-ùine a ghearradh am-bliadhna.
Tha an t-aonadh Unison ag ràdh gum bi uallach a bharrachd air an luchd-obrach a th' air fhagail agus gum fulaing slàinte dhaoine ri linn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An t-Ògmhios 2015

- Air fhoillseachadh10 An Gearran 2017
