Seann bhoma air tràigh Ros Mhaircnidh
- Air fhoillseachadh

Tha dùil ri sgioba Diciadain airson am boma a dhèanamh sàbhailte.
Tha am poball ga chasg bho thràigh Ros Mhaircnidh anns an Eilean Dubh às dèidh mar a chaidh lorg fhaighinn air seann bhoma.
Chaidh fios a chur air na Maoir-Chladaich feasgar Dimàirt, agus bha iad ri faire tron oidhche airson daoine a chumail air falbh.
Tha dùil gur e seann bhoma cogaidh a th' ann, agus thig sgioba bhon Chabhlach Rìoghail Diciadain airson a dhèanamh sàbhailte.