Taigh-tasgaidh nan Eilean ga fhosgladh gu h-oifigeil
Dh'fhosgail Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, Tasglann agus Taigh-tasgaidh Chaisteal Leòdhais gu h-oifigeil an-diugh.
Mhol i an obair a chaidh a dhèanamh airson am pròiseact, luach faisg air fichead millean not, a thoirt gu buil.
Thuirt i gum biodh e mar mheadhan air ath-bheothachadh eaconomaidh na sgìre.
Seo Aonghas Dòmhnallach.