Naidheachdan 11:00m

Chuir an Seansalair dìon air a phlana airson cìsean Àrachais Nàiseanta a chur suas air feadhainn a tha ag obair dhaibh fhèin. Thug cùl-bheingearan Tòraidheach an aghaidh air Phillip Hammond 's iad ag ràdh gun do bhris e gealltanas a thug iad seachad ron taghadh. Thuirt Mgr Hammond gun èist e ris na Buill-Phàrlamaid, ach thuirt e gu bheil an siostam a th' ann an-dràsta gu mòr am fàbhar dhaoine a tha an ceann an cosnaidh dhaibh fhèin.

Tha comataidh aig Holyrood ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba Bile ùr na Croitearachd a chur mu choinneimh na Pàrlamaid ann an Dùn Èideann ron ath-thaghadh. Tha aithisg ùr bho Chomataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail ag ràdh gu bheil soilleireachadh a dhìth air poileasaidh an Riaghaltais air croitearachd agus air dleastanas Choimisean na Croitearachd.

Dh'iarr Buidheann-Sgrùdaidh na h-Alba air na Poilis sùil anns an aithghearrachd a thoirt air an t-siostam IT aca. Tha sin an dèidh do phròiseact coimpiutair nàiseanta ùr do Phoileas Alba, a chosg £46m tuiteam às a chèile. Thuirt an t-Àrd-Neach-Sgrùdaidh, Caroline Gardner, nach tàinig am fàileachadh am follais gus an d' fhuair na Poilis an siostam ùr airson deuchainn a dhèanamh air. Bha dùil gun cùmhnadh an siostam ùr £200m dha na Poilis.

Tha coltas ann gun do thuit an àireamh a dh'fheuch ri faighinn a-steach dha na Stàitean Aonaichte gu mì-laghail anns a' chiad ghreis de cheannas Dhòmhnaill Thrump. Thuirt Rùnaire Tèarainteachd na dùthcha gun deach 40% nas lugha a chur an grèim air a' chrìch ri Meagsago anns a' Ghearran na bh' ann dhiubh anns an Fhaoilleach.

Bha call bliadhnail de £470m air Banca a' Cho-op. Thuirt am banca, a chaidh air a' mhargaidh airson a reic air a' mhìos a chaidh, gur e riadh ìosail agus cosgais an aonta le Comann Togalach Britannia as motha as coireach ris a' chall.

Tha dùil gun tèid an spàrr mu dheireadh anns an drochaid ùr air Abhainn Nis an-diugh. Bidh an drochaid aig Muileann Thuilm a' ceangal rathad an A82 ris an A96 mar phàirt de shlighe ùir air taobh siar Inbhir Nis a chosgas £55m agus ris a bheil dùil a bhith fosgailte ann an 2020.