Piseach air coltas meadhan Inbhir Nis?
- Air fhoillseachadh

Thèid feuchainn ri dreach nas traidiseanta a chur air coltas Sràid na h-Acadamaidh
Thèid feuchainn ri piseach a thoirt air coltas tè de phrìomh shràidean Inbhir Nis.
Gheibh feadhainn aig a bheil togalaichean air Sràid na h-Acadamaidh taic-airgid airson na togalaichean aca a chur air ais gu mar a b' àbhaist dhaibh a bhith.
Tha seo mar phàirt de sgeama airson meadhan a' bhaile ath-leasachadh 's gearanean air a bhith ann mu dhroch choltas cuid dhen na togalaichean.
Thuirt fear de chomhairlichean Inbhir Nis, Ailig Greumach, gu bheil piseach a' tighinn air meadhan a' bhaile.
"Thathas air leasachadh a dhèanamh air àitean meadhan a' bhaile, - Sràid an Aonaidh 's Queensgate 's mullach Sràid na h-Eaglaise 's thathas a' dèanamh tòrr obair a' leasachadh Taigh a' Bhaile an-dràsta agus thathas ag obair air a' chaisteal - so tha mi a' smaoineachadh gu bheil rudan air a bhith a' tachairt".