Sùil air bliadhna dhoirbh do Choimisean na Croitearachd
Tha cha mhòr bliadhna air a bhith ann bhon a thàinig e am barr gun robh Coimisean na Croitearachd air dà chomataidh ionaltraidh a chur a-mach à oifis ann an Leòdhas.
Co-dhùnadh a dh'adhbhraich connspaid agus còmhstri anns a' ghnìomhachas, agus a ràinig, aig a' cheann thall, an ìre as àirde de phoileataigs ann an Alba.
Le taghadh Choimisein na Croitearachd a-nisd seachad agus bòrd ùr ga thaghadh air an t-seachdain sa chaidh, tha Dòmhnall MacLaomainn a' toirt sùil air ais air a' bhuaireadh agus a' meòrachadh a bheil an Coimisean freagarrach airson croitearachd san là a th' ann.