Alba san 4mh àite sna Sia Dùthchannan

Chriochnich Alba san 4mh àite ann am farpais rugbaidh nan Sia Dùthchanan.

Bha cothrom aca ge-tà, air an dàrna àite às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air an Eadailt 29 gu 0 aig Murrayfield Disathairne.

Cha deach toraidhean nan geamannan eile leotha ge-tà, leis an Fhraing a' buannachadh ann an geama a mhair ceud mionaid an aghaidh na Cumrigh, agus Eirinn a' faighinn làmh an uachdair air Sasainn.

Tha Vern Cotter a' fàgail toilichte ge-tà, is Alba air trì geamannan a bhuannachadh san fharpais airson a' chiad turas bho 2006.