Ionad ùr do dhaoine òga sa Ghearasdan

Dh'fhosgail ionad ùr sa Ghearasdan do dhaoine òga aig a bheil duilgheadasan.

Tha am pròiseact Buzz air a bhith a' ruith airson 5 bliadhna, ach a-nis tha bùth ùr aca air an Àrd-ShrÀid air a bheil Studio 2.

Thàinig an còmhlan Morganizer à Birmingham agus iad a' cumail bùth-obrach aig an fhosgladh.