Oifigear ùr do bhoireannaich Ghallaibh
- Air fhoillseachadh

Bidh oifigear ùr stèidhichte aig Ospadal an Ràthaig Mhòir bho Dhiluain 3mh Giblean gus cuideachadh a thoirt do bhoireannaich à Gallaibh aig a bheil dùil ri leanabh, agus a dh'fheumas cobhair ann an Inbhir Nis.
Chaidh an obair a chruthachadh is NHS na Gàidhealtach air cruth atharrachadh a thoirt air seirbheisean màthaireil Ghallaibh.
Chaidh an structar ùr son seirbheisean màthaireil na sgìre a chur an sàs na bu tràithe am-bliadhna.
Tha aonad màthaireil coimhearsnachd a-nise aig Ospadal Ghallaibh, air a stiùireadh le mnathan-glùine, seach an t-seirbheis a bh' ann le àrd-dhotairean.
Chaidh siostam den leithid a chur an sàs mar-thà ann an ceàrnaidhean eile den Ghàidhealtachd.
Ach tha cuid air a bhith a' gearain mu cho fada 's a dh'fheumas boireannaich à Gallaibh a-nise siubhail.
Bheir an t-oifigear ùr taic do bhoireannaich leatromach à Gallaibh a thaobh siubhail, agus àiteachan fuirich.