Maoim-slèibhe a' dùnadh loidhne rèile
- Air fhoillseachadh

Cha bhi trèanaichean a' riuth eadar Glaschu, an t-Òban, An Gearasdan agus Malaig an-diugh (4mh Giblean) tuilleadh, 's an loidhne dùinte tuath air Glaschu.
Thàinig pàirt den bhruaich a-nuas air an loidhne faisg air Ashfield, a' cur bacadh air cuid de sheirbheisean a-mach à Stèisean Shràid na Bànrighinn.
Chaidh cuid de sheirbheisean ionadail tuath air Glaschu a chur dheth cuideachd.