Coinneamh phoblach mu aiseag ùr
Chaidh coinneamh phoblach a chumail air an Tairbeart mu phlana airson bàt-aiseig ùr.
Tha dùil ris a' bàta, a thèid an àite an Hebrides air an t-slighe eadar an Tairbeart, Ùige agus Loch nam Madadh, 's tha daoine a' faighinn cothrom beachd a thoirt air na planaichean.
Thèid coinneamh eile a chumail ann an Loch nam Madadh.