Thìll aiseag Chaoil Reatha gu seirbheis son bliadhna eile
Thìll bàt-aiseig Chaoil Reatha chun na seirbhis an-diugh, as deidh obair leasachaidh luach ceithir fichead mìle not.
'S i an aon bhàta dha seòrsa a th'air fhàgail san t-saoghal, 's an criubha fhèin a' tionndadh deic nan càraichean.
Cha mhòr nach eil an Gleann a' Chaolais a-nis leth-cheud bliadhna a dh'aois.
Ghabh Dòmhnall Moireasdan turas oirre nas tràithe an-diugh.