Dàibhearan Poilis sa Phloc
- Air fhoillseachadh

Chaidh dàibhearan poilis an sàs ann an iomairt gus lorg fhaighinn air duine a tha a dhìth air Taobh Siar Rois.
Chunnacas James Fewell mu dheireadh tràth sa mhadainn Disathairne is e a' fàgail Taigh-òsta a' Phluic.
Tha Mgr Fewell, 62, a' fuireach air bàta ann an acarsaid a' Phluic.
'S e Bruce a bhios aig daoine air Mgr Fewell.
Tha e 6'1" de dh'àirde le falt fada dorcha a bhios aige ceangailte air cùl a' chinn.
Bha geansaidh gorm agus bòtannan buidhe air an oidhche a chaidh e a dhìth.
Tha e a' fuireach agus ag obair anns a' Phloc.
Tha na Poilis is na Maoir-Chladaich air a bhith ga shireadh le taic bho luchd-teasairginn beinne.
Tha dàibhearan poilis a-nise gan cuideachadh.
Thathas a' tuigseann gun deach geòla Mhgr Fewell is cuid de rudan eile leis a lorg.