Mì-chinnt mu dhreuchd Foran
- Air fhoillseachadh

Nochd mì-chinnt mu mhanaidsear Chaley Thistle is an cluba a' dol às àicheadh aithris gu bheil iad a' beachdachadh air Richie Foran a chur às a dhreuchd.
Tha an cluba an-dràsta aig bonn na Prìomh Lìge, ceithir puingean air cùl Thobar na Màthar.
Dh'innis aithris ann am pàipear-naidheachd gum biodh bòrd ICT a' coinneachadh an t-seachdain seo, is nach biodh e na iongnadh nan cailleadh Foran a dhreuchd ro dheireadh na seachdain.
Ann am brath air an làraich-lìn aca oidhche Mhàirt, chaidh an cluba às àicheadh sin.
Thuirt iad gu bheil "coinneamh chunbhalach" ann an t-seachdain seo.
Dh'innis iad gur e prìomh amas a' chluba air fad fuireach sa Phrìomh Lìog, is gu bheil am manaidsear is cluicheadairean ag obair gu cruaidh airson sin a choileanadh.
Thèid ICT a Thobar na Màthar Disathairne.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Giblean 2017
