Cùrsa sa Choille
Chuir Dualchas Nàdair na h-Alba là treànaidh air dòigh ann an Earra-Ghàidheal do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith a' trusadh biadh sa choille agus air a' chladach.
Bha an t-eòlaiche àrainneachd, Ruairidh MacIlleathain, an làthair cuideachd gus ainmean Gàidhlig nan lusan is eile ionnsachadh do dhaoine.
Tha Andreas Wolff ag aithris.