Dàibhear ga lorg
Chaidh dàibhear a chaidh a dhìth far chosta Arcaibh a lorg slàn sàbhailte tron oidhche, às dèidh còrr air deich uairean a thìde sa mhuir.
Bha bàtaichean-teasairginn, heileacoptairean nam maor-chladaich agus luchd-teasairginn air tìr an sàs san oidhirp gus lorg fhaighinn air an duine.