50mh taigh san Eilean fo sgeama coimhearsnachd
Tha Urras Taigheadais Choimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd air 50 taigh a thogail le sgeama fo am faigh daoine cothrom taigh a cheannachd àn dèidh màl a phàigheadh 'son ùine.
Tha an 50mh taigh ann am Flòdaigearraidh 'san Eilean Sgitheanach air a ghabhail mar-thà agus tha dà làraich eile aig an Urras san sgìre airson taighean eile.