Dragh mu leasachadh an Uibhist a Tuath
- Air fhoillseachadh

Nochd iomagain mu obair leasachaidh anns a bheil Uisge na h-Alba an sàs ann an Uibhist a Tuath.
Mar phàirt den phròiseict thèid pìoban ùra a chur an sàs agus thèid leasachadh a dhèanamh air an ionad uisge ann an Loch nam Madadh.
Tha dragh air èirigh, ge-tà, gu bheil Uisge na h-Alba a-nis a' tarraing air ais bho chuid de na gealltanasan aca.
Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Ùisdean Robasdan, gu bheil e a' tuigsinn gu bheil a' bhuidheann air barrachd airgid na bha dùil aca a chosg air pròiseactan air Tìr-Mòr.
Thuirt e gu bheil dragh ann gu bheil sin a' fàgail nach eil uidhir aca ri chosg air an leasachadh ann an Uibhist a Tuath.
"Tha sinn airson tuigsinn dè tha iad a' dol a dhèanamh - thoradh chan eil e soilleir dhuinn fhathast buileach dè tha iad a' dol a dhèanamh", thuirt an Comh. Robasdan.
"Dè dh'fhaodadh a bhith air a ghearradh a-mach às, agus dè a' bhuaidh a bhios aige sin air na coimhearsnachdan agus air taigheadas", thuirt e.
Dh'innis an Comh. Robasdan gu bheil e glè chudromach do leasachaidhean ann an Uibhist a Tuath gum bi siostam an uisge cho math 's a ghabhas.
Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil an obair aca ann an Uibhist a Tuath a' leantainn.
Thuirt iad gu bheil iad an dùil barrachd innse gu poblach mu na planaichean aca air an ath-mhìos.