Fear a rinn 135msu air prìosan a sheachnadh
- Air fhoillseachadh
Tha fear a dh'aidich gun do ràinig astar 135msu air motor-baidhsagail air a' Ghàidhealtachd air binn prìosain a sheachnadh.
Chaidh Louis Rozier, 27, à Manachainn Rois, a chlàradh aig còrr is a dhà uidhir an astar cheadaichte air an A9 aig Caoldaraidh sa Chèitean 2016.
Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann am Baile Dhubhthaich gun robh Rozier air smachd a chall air fhèin 'son beagan diogan is gun robh e gu mòr a' gabhail aithreachais.
Chaidh innse dhan chùirt gun toireadh binn prìosan buaidh uamhasach air a theaghlach is pàisde òg aige.
Chuir an Siorraidh Olga Pasportnikov binn 200 uair a thìde se sheirbheis sa choimhearsnachd air Rozier.
Chaidh casg dràibhidh 20 mìos air cuideachd.