Airgead dha pròiseictean Gàidhlig an Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh

Tha còig pròiseictean Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal air soirbheachadh ann am bhòt gus taic-airgid fhaighinn - sgrùdadh air an gabhadh sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san Òban nam measg.
Bha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air sgeama pìleat a chur air dòigh le £15,000 ri fhaighinn airson phròiseictean Gàidhlig.
'S ann à Riaghaltas na h-Alba a thàinig an t-airgead, is rinn 14 pròiseictean tagradh.
Chleachd a' Chomhairle siostam bhòtaidh air loidhne 'son co-dhùnadh cò gheibheadh airgead is chuir 889 neach bhòt.
Am measg nam pròiseictean a shoirbhich tha tagradh airson taic-airgid airson sgrùdadh a dhèanamh air beachd sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san Òban.
Dh'iarr pàrantan sa bhaile na bu tràithe am-bliadhna gum biodh co-chomhairle ann is iad ag ràdh gu bheil iarrtas sa bhaile 'son sgoil Ghàidhlig.
Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid aig an àm nach robh iad am beachd sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san Òban, ach bidh cothrom ann a-nise an gnothach a sgrùdadh ann am barrachd doimhneachd.
Seo na pròiseictean gu lèir a shoirbhich;
Deireadh seachdain bogaidh ann an 'Gàidhlig Dhail Riada' aig Taigh-tasgaidh Achadh an Droighinn
Taic airson leabharlainn sgoile
Acadamaidh a' Mhòid san Òban
Air Ghleus - Brosnachadh airson cànan, ceòl is cultar nan Gàidheal
Sgrùdadh air plana 'son sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san Òban
Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun robh iad toilichte le mar a chaidh an sgeama pìleat.
"Rinn sinn deuchainn le seo mar dhòigh ùr air co-dhùnadh càite am bu chòir taic-airgid a chur gu feum nar coimhearsnachdan, is bha ùidh aig mòran ann", thuirt Àrd-Stiùiriche Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Cleland Sneddon.
"Tha sinn taingeil dha gach neach a bhòt is beachdaichidh sinn air a' chùis is mar a ghabhadh a chleachdadh a-rithist san àm ri teachd", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 Am Faoilleach 2017

- Air fhoillseachadh23 Am Faoilleach 2017
