30 cosnadh ùr an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Camara bhideoTùs an deilbh, Trevor Martin Photography
Fo-thiotal an deilbh,

Cruthaichidh a' chompanaidh 30 cosnadh thairis air 3 bliadhna.

Cruthaichidh companaidh saidheans beatha às an Danmhairg 30 cosnadh ùr ann an Inbhir Nis thairis air trì bliadhna.

Cosgaidh Corporate Health International ApS £5.7m air an ionad ùr aca anns a' bhaile.

Bidh luchd-obrach an ionaid a' sgrùdadh dhealbhan bho chamarathan-bhideo beaga a bhios euslaintich a' slugadh.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' toirt seachad taic-airgid luach £600,000.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh