Màthair is mac gan lorg sàbhailte
- Air fhoillseachadh
Chaidh lorg fhaighinn air boireannach agus a mac, 12, a bha a dhìth bho Mhachair Rois o chionn còrr air seachdain.
Bha na Poilis a' sìor fhàs iomagaineach mu Sandra Element, a tha 54, agus Aiden Hoggard, a chaidh fhaicinn mu dheireadh air a' phriomh shràid ann am Baile an Todhair madainn Diluain an t-seachdain a chaidh.
Thuirt na Poilis Dimàirt gun deach an dithis a lorg slàn sàbhailte ann an siorrachd Nottingham an Sasainn.