Uard dùinte aig Ospadal a' Bhelford
- Air fhoillseachadh
Chaidh Uard a dhùnadh do dh'euslaintich ùra aig Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan agus flù air tighinn air cuid de na h-euslaintich ann.
Chaidh flù a dhearbhadh air triùir euslainteach, agus tha duilgheadasan anail air feadhainn eile.
Thathas ag iarraidh air càirdean agus caraidean nan euslainteach a th' anns an uard fuireach air falbh, agus thuirt an t-ospadal nach bu chòir do dhaoine aig a bheil duilgheadasan le bhith a' tarraing anail, no a tha leis a' bhuinich 's a' cur a-mach, tadhal air an ospadal idir.