Transocean Winner: £400,000 dhan MCA
- Air fhoillseachadh

An clàr ga chur air deic soithich.
Phàigh a' chompanaidh leis an robh an Transocean Winner, an clàr-ola a chaidh air tìr ann an Leòdhas an-uiridh, £400,000 do Bhuidhinn na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA).
Thàinig an Transocean Winner air tìr ann an Dail Mòr air taobh siar Leòdhais ann an gèile fhads a bhathas a' feuchainn ri a shlaodadh dhan Mhuir Mheadhan-Thìrich, far an deadh a dhì-choimiseanadh.
Dh'iarr an MCA an t-airgead airson na chosg e dèiligeadh ris an t-suidheachadh.
Chaidh an Transocean Winner a shlaodadh dhan Loch a Tuath, agus mu dheireadh thall, chaidh falbh leis dhan Tuirc.