Deasbad mu charbadan-eiridinn
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tèid eas-aonta mu àireamhan luchd-obrach ann an Seirbheis Charbadan-Eiridinn na h-Alba a thogail aig Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.
Tha seo an dèidh mar a rinn criuthaichean sa cheann a tuath gearan mun t-suidheachadh obrach aca.
Cluinnidh Comataidh Slàinte agus Spòrs aig Holyrood fianais air a' ghnothach.
Anns a' Mhàrt am-bliadhna, bhòt buill den aonadh Unite gus deasbad oifigeil a thòiseachadh an aghaidh luchd-stiùridh anns an roinn a tuath aig Seirbheis nan Carbadan-Eiridinn.
Am measg na draghan a thog iad, bha gun robh luchd-obrach gu tric ag obair uairean nas fhaide na bha còir aca, nach robh carbadan-eiridinn rim faodainn ann an suidheachaidhean èiginneach is iad gan cleachdadh airson euslainteach nach robh ann an èiginn, agus gainead chriuthaichean ann an sgìrean iomallach.
Thuirt an t-seribheis gun deach tuilleadh air 50 neach-obrach ùr fhastadh, agus gu bheilear ag obair gus adhartas a bharrachd a dhèanamh.
Bheir àrd-oifigear na seirbheis, Pauline Howie, agus oifigich eile, fianais seachad do Chomataidh na Slàinte agus an Spòrs aig Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt mar phàirt de shreath de sheiseanan le buidhnean slàinte.