Muinntir Bharraigh a' caoidh

Tha muinntir Bharraigh a' caoidh 's nighean às an eilean fhathast a dhìth às dèidh na h-ionnsaigh ann am Manchester oidhche Luain.

Cha deach sgeul fhaighinn air Eilidh NicLeòid, a tha 14, bhon uair sin.

Tha caraid dhith, Laura Nic an t-Saoir, a' faighinn leigheis anns an ospadal 's i air a droch ghoirteachadh.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.