Buaidh ionnsaigh cheannairc air Eilean Bharraigh
Tha deugaire à Barraigh fhathast a dhìth às deidh na h-ionnsaigh ceannairc ann am Manchester.
Bha Eilidh Nicleòid aig a chuirm oidhche Luain le a caraid Laura Nic an t-Saoir.
Tha Laura a' faighinn cùram san ospadal ann am Manchester 's i air a droch ghoirteachadh.
Bhruidhinn sinn ri Dòmhnall Manford a tha càirdeach ri Eilidh.