Plana leasachaidh Chaladh Steòrnabhaigh

  • Air fhoillseachadh
Caladh Steòrnabhaigh

Bidh cothrom aig daoine plana leasachaidh Chaladh Steòrnabhaigh a sgrùdadh oidhche Dhiardaoin.

Thèid am plana a thaisbeanadh aig coinneamh phoblach le Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, a th' air a bhith a' sireadh bheachdan mun sgeama sna mìosan a dh'fhalbh.

Thathar an dùil gun toir an leasachadh cothroman ùra do dhaoine an caladh a chleachdadh, agus gum bi buannachdan eaconamach na lùib.

Dh'innis Cathraiche na buidhne, Murchadh Moireach, gu bheil am plana a-nis air a dhealbh agus 's gu bheil trì diofar phàirtean co-cheangailte ris.

Thathar airson acarsaid nas doimhne a stèidheachadh faisg air Àranais. Bhiodh seo freagarrach do shoithichean mòra agus do bhàtaichean mòra luchd-turais a bhios a' tadhal air na h-eileanan tro mhìosan an t-Samhraidh.

Cuideachd, leis gu bheil barrachd is barrachd iachtaichean a' tighinn chun chaladh as fhaide a-staigh, a chaidh a leasachadh roimhe agus a tha tric làn, thathar ag iarraidh leudachadh a thoirt air an sin.

A rèir an ùghdarrais, bidh an leasachadh a tha iad am beachd a thoirt air goireasan a' phuirt na bhuannachd mòr do dh'eaconamaidh nan eilean air fad.

Stòras airgid

A thuilleadh air cothroman leudachaidh dhaibh pèin, tha an t-ùghdarras cuideachd air stòras airgid ùr a chur air chois dhan choimhearsnachd.

Thathas ag iarraidh air diofar bhuidhnean, òigridh gu sònraichte, beachdan a chur thuca mu phròiseactan ùra co-cheangailte ri obair mhara.

Thuirt Mgr Moireach gum bi maoineachadh ri fhaighinn dà thuras sa bhliadhna - as t-earrach agus as t-fhoghar - airson pròiseactan a thathas am beachd a tha iomchaidh.

Thèid coinneamh bhliadhnail na buidhne a chumail oidhche Dhiardaoin, far an cluinnear mun obair a thathas air a bhith a' dèanamh agus dè a tha san amhairc airson an àm ri teachd.