Sprùilleach plèana ga lorg far Chinn Tìre
- Air fhoillseachadh

Chaidh sprùilleach a lorg le luchd-teasairginn a bha a' lorg plèana a thàinig a-nuas far chosta Chinn Tire.
Thathas a' creidsinn gun robh dithis air bòrd, ach cha deach fhoillseachadh aig an ìre seo dè an t-seòrsa phlèana a bh' ann.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn goirid ro 4:00f Diardaoin gun robh plèana beag air tighinn a-nuas.
Chaidh luchd-teasairginn an sàs, agus fhuair iad sprùilleach sa mhuir mu dhà mhìle far Sgibnis ann an Cinn Tìre.
Thuirt na Maoir-Chladaich gur e iomairt fharsainn a bh' aca, le sgiobannan teasairginn a' tighinn à Preastabhaig, Tairbeart Loch Fìn, Ceann Loch Chille Chiarain, Eilean Arainn agus Taigh na Bruaich.