500 bliadhna bho àm an Ath-leasachaidh
Tha sinn a' leantainn leis an t-sreath againn mu mar a thathas a' comharrachadh 500 bliadhna bho àm an ath-leasachaidh sa Ghearmailt.
Thòisich tachartas air a bheil Là na h-Eaglaise oidhche Ardaoin, tachartas a mhaireas grunn laithean - far am bi na mìltean mòra de Chrìosdaidhean a' tighinn còmhla a h-uile dà bhliadhna.
Bidh an t-ath leasachadh am measg na thèid a dheasbad ann.