Foran air ICT fhàgail
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Caledonian Thistle gu bheil Richie Foran air an cluba fhàgail.
Chaidh an t-Èireannach ainmeachadh mar mhanaidsear ICT an-uiridh, ach chrìochnaich iad an seusan aig bonn na Prìomh Lìge.
Bha mì-chinnt a' cuairteachadh suidheachadh Foran, is e fhèin ag ràdh gun robh e airson fuireach agus Inbhir Nis a thilleadh dhan ìre as àirde.
Dhearbh an cluba feasgar Diluain gu bheil Foran air a dhreuchd fhàgail.
Thug cathraiche ùr ICT, Uilleam Fionnlasdan, taing dha Foran airson gach rud a rinn e 'son Inbhir Nis mar chluicheadair is manaidsear.
Thàinig Foran dhan cluba an toiseach mar chluicheadair ann an 2009.