Ceist chìsean aig co-labhairt an fhearainn
Bu chòir don bhuidhinn ùir Coimisean Fearann na h-Alba sùil a thoirt air mar a tha cuid de dhaoine a' ceannach phìosan mòra fearainn dìreach airson cìsean a sheachnadh.
Sin a rèir Chathraiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Dàibhaidh Camshron 's e a' bruidhinn aig a' chiad là de cho-labhairt na buidhne sin ann an Slèite.