Tubaist mhairbhteach faisg air Loch Nis
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach a mharbhadh ann an tubaist rathaid faisg air Loch Nis Didòmhnaich.
Thachair an tubaist timcheall air leth uair às dèidh meadhan là air am B852 eadar Duras is Inbhir Fharagaig.
Bha an duine, 71, a' gabhail pàirt ann an tachartas le seann mhotor-baidhsagailean aig an àm.
Thàinig na seirbheisean-èiginn ach bhàsaich an duine aig làrach na tubaist.
Chaidh fios a chur air teaghlach an duine.
Cha deach ainmeachadh fhathast.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh