Casg air tràlairean ga iarraidh
- Air fhoillseachadh

Tha iasgairean chlèibh dhan bheachd gun deigheadh 700 cosnadh eile a chruthachadh
Tha iasgairean chlèibh air a' chost an iar airson casg a chur air tràlairean bho bhith ag iasgach taobh staigh trì mìle bhon chladach.
Tha sin am measg mholaidhean a chuir iad gu Riaghaltas na h-Alba.
Tha iad den bheachd gun cruthaicheadh e 700 cosnadh agus 450 bàta clèibh ùr.
Dh'iarradh iad cuideachd cuibhreann nan tràlairean de mhuasganan-caola fhaighinn.
Thuirt iad gun toireadh na molaidhean aca spionnadh do choimhearsnachdan beaga.
Chuir Caidreachas Iasgairean Chlèibh na h-Alba aithisg 34 duilleag a dh'fhaide gu riaghaltas na h-Alba a' mìneachadh an t-seasamh aca.
Ach a-rèir Chaidreachas Iasgairean na h-Alba, a tha a' riochdachadh nan tràlairean, chuireadh na molaidhean às dhaibhsan.
Thuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, gun toireadh e sùil gheur air an aithisg.
Bha casg trì mìle an sàs airson timcheall air ceud bliadhna, ach fhuair sgiobairean tràlairean cead a bhith ag iasgach nas fhaisg air a' chladach ann an 1984.