Tubaist air an A9
- Air fhoillseachadh
Chaidh dithis a ghoirteachadh gu dona ann an tubaist air an A9 air Ghàidhealtachd.
Bha dà chàr agus làraidh anns an tubaist a thachair mu 12:15 deas air Baile Ùr an t-Slèibhe.
Thug an t-seirbheis smàlaidh daoine às na carbadan, agus chaidh a ràdh gu bheil dithis air an droch ghoirteachadh.
Bha an rathad dùinte airson greis, ach tha e fosgailte a-nis.