Taic ga ghealltainn do mhanaidsear ùr Chaley Thistle
Gheall Cathraiche Chaley Thistle Inbhir Nis gum faigh am manaidsear ùr, John Robertson, taic bho bhòrd a bhios nas fhosgailte agus nas fhollaisiche nan cuid obrach.
Dh'aidich Willie Finlayson nach bi am buidseat cho mòr às dèidh tuiteam sìos dhan Championship ach thuirt e gur e am prìomh amas aig a' club a thoirt air ais dhan phrìomh lìog.
Tha Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir a' cur taic ri Caley Thistle.