Sreapadair air a thogail às dèidh iomairt 'thoinnte'
- Air fhoillseachadh

Bha an iomairt "toinne agus teicnigeach" a-rèir nan sgiobaidhean teasairginn.
Tha sreapadair air a bhith a' faighinn leigheis san ospadal às dèidh dha tuiteam aig Creag an Fhasgaidh ann am Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh feasgar Disathairne.
Bha sgiobaidhean teasairginn à Bràigh Mharr, Obar Dheathain agus Sgioba a' Mhonaidh Ruaidh uile an sàs anns an iomairt.
Rinn heileacoptair nam maor-cladaich cobhair air às dèidh iomairt theasairginn a mhair dusan uair a thìde.
Thuirt Sgioba Teasargainn Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh gu robh an iomairt "gu math technigeach agus doirbh".
'S e seo an 7mh turas a chaidh cuid de na sgiobaidhean a ghairm taobh a-staigh seachd là.





Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh