Èiginn nan taighean beaga san Eilean Sgitheanach
Tha dragh mòr ann mu ghainnead thaighean beaga poblach anns an Eilean Sgitheanach.
Chaidh grunn dhiubh a dhùnadh sna bliadhnaichean mu dheireadh.
Ach, leis an àireamh luchd-turais ag èirigh, tha e air aithris gu bheil daoine a' dol air a' bhlàr-a-muigh.
Tha a' chomhairle ag ràdh gu bheil seachd taighean beaga aca san Eilean.
Tha Alasdair Macleòid ag aithris.