Bann-leathann a' Chinn a Tuath "as slaodaiche"
Tha astar bann-leathain na Gàidhealtachd 's nan Eilean am measg an fheadhainn as slaodaiche san Rìoghachd, a-rèir rannsachaidh ùir.
Tha Arcaibh, Sealtainn 's sgìre na Gàidhealtachd aig bonn na liosta a chaidh ullachadh leis a' bhuidhinn Which bho sgrùdadh aig toiseach na bliadhna.
Tha na h-Eileanan Siar am measg an deich as miosa cuideachd.