Teine ann an Rathais
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-smàlaidh a' dèiligeadh ri teine ann an Rathais ann an Srath Spè, agus aithrisean ann gun do spreadhadh canastairean gas.
Chaidh dà inneal-smàlaidh a chur chun na làraich, air Rathad Eilginn sa bhaile, goirid ro 8:45m Diciadain.
Tha aon duine a' faighinn cùraim, ach thathas a' tuigsinn nach deach an leòn.