Leudachadh £2.8m air factaraidh Bhreascleit
Chaidh togalach ùr, a bheir leudachadh air an obair aig factaraidh ann an Leòdhas, fhosgladh gu h-oifigeil Dihaoine.
Chosg an togalach stòraidh aig factaraidh BASF am Breascleit £2.8m agus tha e a' dol a chur gu mòr ris an obair a tha a' dol air adhart ann.
Chaidh a' phàirc chàraichean a leudachadh cuideachd.