Duais do dh'oighreachd Fearann Eilean Iarmain
Tha an oighreachd Fearann Eilean Iarmain ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich air duais na Feadaig Buidhe 2017 a chosnadh.
Bha oighreachdan ann an Àrd nam Murchan agus ann an Dùthaich Mhic Aoidh san dàrna is an treas àite.
Tha an duais a' toirt aithne do shàr obair a thaobh làimhseachadh mhonaidhean is mhòintichean na h-Alba gu maith nam beathaichean is lusan a tha beò orra.