Tha BPA nan eilean a'cuir taic ri iomairt son àiseag eile eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Tha dòchas às ùr air nochdadh gun tèid dà bhàta a chuir air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Tha Alasdair Allan a'toirt taic dhan iomairt agus tha dùil ri ministear còmhdhail na dùthcha, Humza Yousaf, anns na h-eileanan an ath sheachdain.

Seo Murray MacLeòid.